Bidh barrachd smachd agad air taisbeanadh nan sleamhnagan agad leis an leudachan seo, consoil an liubhraiche. Bheir e comas dhut an ath-shleamhnag fhaicinn, nòtaichean na sleamhnaige agus bidh tìmear san taisbeanadh ach chan fhaic an èisteachd agad ach an t-sleamhnag làithreach.
Gus nach èirich tro-chèile le àireamh mhòr de dh'eileamaidean taisbeanaidh ri am faicinn, cha seall consoil an liubhraiche dhut na h-eileamaidean ach ann an trì diofar seallaidhean agus tha e furasta leum a ghearradh eatarra.
