Bheir an leudachan ion-phortaidh PDF comas dhut sgrìobhainnean PDF ion-phortadh is atharrachadh. Le pongalachd co-dhealbhachd 100%, 's e am fòrmat "Faidhle tar-chinealach PDF/ODF" a bheir dhut an toradh as fhearr agus is urrainn dhut sin a dhèanamh leis an leudachan seo. Tha faidhle tar-chinealach PDF/ODF 'na fhaidhle PDF sa bheil tùs-fhaidhle ODF leabaichte. Thèid faidhlichean tar-chinealach PDF/ODF fhosgladh ann an LibreOffice mar fhaidhle ODF gun atharrachadh sam bith air a' cho-dhealbhachd.
